
Ofcom has today announced the reappointment of Mairi Kidd to the board of MG ALBA, the body responsible for ensuring that the high-quality television programmes in Gaelic are made available to people in Scotland.
Ofcom’s recommendation for the reappointment has been approved by John Swinney MSP, Scotland’s Deputy First Minister and Cabinet Secretary for Education and Skills. This follows an appraisal process led by the chair of MG ALBA and a reappointment interview with Ofcom in Scotland.
Mairi is currently a member of the MG ALBA Board’s Audit and Assurance Committee. She is also the Head of Literature, Languages and Publishing at Creative Scotland. Her second term with the MG ALBA board will begin on 1 May 2020 and will run for four years.
Tha Ofcom an-diugh air ainmeachadh gun deach Màiri Kidd ath-shuidheachadh air bòrd MG ALBA, am buidheann a tha an urra ri bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine ann an Alba air prògraman telebhisein Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd.
Chaidh moladh Ofcom airson an ath-shuidheachadh aontachadh le Leas Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Iain Swinney, BPA. Tha seo an dèidh pròiseas measaidh a chaidh a stiùireadh le cathraiche MG ALBA agus agallamh ath-shuidheachaidh le Ofcom ann an Alba.
Tha Màiri an-dràsta na ball de Chomataidh Sgrùdaidh Bòrd MG ALBA. Tha i cuideachd na Ceannard Litreachais, Cànain agus Foillseachaidh aig Alba Chruthachail. Tòisichidh an dàrna teirm aice air bòrd MG ALBA air 1 Cèitean 2020 agus mairidh e airson ceithir bliadhna.